Tuesday 16 February 2010

Poileataigs 's a chanain - a suid 'sa seo

Pìos inntinneach an seo air làrach Slugger, sàr-bhlogger à Èirinn a Tuath, mu dheidhinn poileataigs a' chànain thall an sin.

Tha sinn dualtach dìochuimhneachadh dìreach dè cho duilich 's a tha e adhartas sam bith a dhèanamh nuair a tha poileataigs treubhach nam pàrtaidhean a' tighinn a-steach air leasachadh na Gàidhlig.

Cha dh’fhuair mi cothrom - dè le “piegate” agus a h-uile sgainneal eile an t-seachdain sa chaidh - èisteachd ris an deasbad mu dheidhinn BBC Alba agus Freeview ann a Pàrlamaid na h-Alba. Leugh an t-sàr-sgrìobhaiche an seo.

Bha a h-uile duine aca, na BPAs, ag aontachadh gum bu chòir an t-seiribheis a bhith air Freeview, le glè bheag gearain mu dheidhinn. Bidh e mì-chiatach argamaid sam bith eile a dhèanamh. Buail air, chanainnsa.

Ach tha e inntinneach, nach eil, le uidhear de thaich oifigeil agus poileataigeach aig a' chànan, cho duilich 's a tha e leasachaidhean mar sgoiltean Gàidhlig a chur air adhart sna sgìrean Gàidhealtach fhèin. Tòrr taic, 's beag oidhirp.

No comments:

Post a Comment