Thursday 17 June 2010

Roghainn na Daoine - ball-coise neo drama

Carson, a dh' fhaighnich mo charaidh, tha thu a' dol a dh 'fhaicinn dealbh-cluiche sa Ghàidhlig an àite a bhith a' coimhead Sasainn an aghaidh nan Stàitean Aonaichte ann an Cupa na Cruinne?

Chuir a' cheist sin an doigh eile, dh' fhreagair mi, oidhche Shathairne. Tha am ball-coise air fad mìos ach tha cothrom dràma Ghàidhlig fhaicinn a-nis cho annasach 's gum b' fhiach siubhal ceithir cheud mìle airson fhaicinn. Sin cho ainneamh 's a tha dealbhan-cluiche Gàidhlig agus cothroman airson banntaireachd nan actairean.

Mar sin, 's e adhbhar misneachd a bha ann Roghainn na Daoine, air thuras le Theatre Hebrides, a ghlac mi anns an Tron ann an Glaschu. Tha an t-actadh ann cho cumhachdach 's cho làidir ri rud sam bith tha sinn air fhaicinn air an àrd-ùrlar ann an Gàidhlig.

Tha doimhneachd anns ann an cleasaidheachd agus ann a cuid dhan an sealleadhean tha fagail luchd amhairc agus na cleaseadhainn fhein claoidhte ri cliadhach a steid.

'S ann leotha tha an oidhche air fad. Iain MacRath - stoirm dealanaich am meadhan a h-uile càil sa bheil e an sàs; Dàibhidh Walker air e fhèin fhoillseachadh mar shàr actair; agus Catriona Lexy Chaimbeul agus Màiri Mhoireasdan cho aotram agus sgileil 's nach eil thu a' faireachdainn fad dà uair a thìde gu leth a' dol seachad.

Agus tha guth seinn Màiri miorbhaileach, agus millteach ann a doigh cathrach, le bhith a' cur a mach na loidhne anns an t-sailm. (Leasan saor agus an asgaidh an sin airson eaglais a tha gann de chothionalan)

Chan eil mi a' cur an coire air na cluicheadaran eile airson na Gàidhlig aca, tha a' Ghàidhig aig ìre mhàth, ach tha duilgheadas ann le creideas nan loidhnichean ann am beul-chainnt luchd-ionnsachaidh. Agus tha sin a' toirt air falbh bho saothar nan actairean fhèin.

Tha sin fhèin a' togail ceist mu dheidhinn banntaireachd nan actairean. Chan eil mi a' creidsinn nach eil iad ann, le sgilean cànain agus àrd-urlair, a-measg na h-òigridh.

Ach 's e neart nan seallaidhean laigse an deilbh-chluiche.'S ann air a chur ri chèile a-mach à buithean-obrach a tha an dealbh-cluiche air fad (as dèidh dhaibh an sgrìobhaiche, Aonghas Pàdraig Caimbeul, a chall) agus tha sin follaiseach o cheann gu ceann dheth.

'S ann mu dheidhinn eachdraidh sgaradh mòr na h-Eaglais, an Dealachadh, a bha an sgeulachd air a reic rinn ach tha na sgeulachdan pearsanta, inntinneach agus cumhachdach mar a tha iad, a' dol san rathad.

Tha iomadach cuspair a seo - an Gort, dùsgadh creideimh, armailteachd (militarism), dòigh beatha na Gàidhealtachd san naoimheamh linn deug. Ach gun mineachadh air a sgeulachd mhòr, chan eil cearcall slan air an dealbh chluiche.'S e call a tha sin.

'S mar sin, chan ann airson sgeulachd na h-Eaglais bu chòir dhuibh am ball-coise a sheachnadh agus ur slighe a dhèanamh gu Roghainn nan Daoine (Inbhir Nis a-nochd, Loch Carran agus Sleite an deidh laimhe). S ann airson fìor choileanadh air obair actair ann an bith a' toirt beò pearsa air do bheulaibh a thèid sibh ann.

'S e seòrsa de dhùsgadh a th'ann an sin fhein, neo dearbhadh air na ghabhas dèanamh le banntaireachd mar seo.

1 comment:

  1. Moran Taing 'son am fiosrachadh seo a Thorcuil.

    ReplyDelete