Friday 29 July 2016

Sùil Eile air Murchadh MacPhàrlain

Am bàrd Murchadh MacPhàrlain ann a dealbh le Gus Wylie
Airson an Daily Record

Tha sreath de litirichean eadar am bàrd ainmeil Murchadh MacPhàrlain agus an seinneadair Mairead NicLeòid a’ soilleireachadh mar a thàinig cuid dhe na h-òrain as cliùitiche a th’ againn sa chànan gu bith.

Bha ceangal cruthachail, bàidheil eadar Bàrd Mhealaboist agus an còmhlan Na h-Òganaich. Tha an dàimh sin a’ toirt tiotal dhan leabhar ùr a tha a’ cruinneachadh nan litirichean, “Le Mùirn”.

Tha cunntas sgiobalta air beatha Mhurchaidh agus na bliadhnaichean rionnagach aig na h-Òganaich air a sgrìobhadh le Catrìona Mhoireach, agus abair obair luachmhor.

Ach tha “Le Mùirn” mu dheidhinn tòrr a bharrachd na eachdraidh beatha.

Tha a’ chùis a’ ceangal òrain, litreachas, obair-ealain ùr, agus sealladh air sgilean dealbhaidh Mhurchaidh fhèin.

Air cùlaibh a’ phròiseict tha Iseabail Mhoireach, a th’ air a bhith an sàs an cuid dhe na h-iomairtean as tuigsiche anns na h-ealain fad bhliadhnaichean.

Anns h-uile càil a tha Iseabail a’ cruthachadh tha ceangal ri cruth-tìre agus cuimhne -  na snàithlein as treasa ann an cultar sam bith. Sin freumhan na bàrdachd, agus sinn fhathast ga seinn.


English translation

A series of letters between the famous poet Murdo MacFarlane and the singer Margaret MacLeod illuminates how some of the most popular songs we have in the language came to be.

There was an affectionate, creative relationship between the Melbost bard and the group, Na h-Òganaich. That affinity gives the title to a new book that collects the letters, “With Affection”.

It is a nimble account of Murdo’s life and the starry years of Na h-Òganaich written by Catriona Murray, and what a precious piece of work it is.

But “Le Mùirn” is about a lot more than biography.

The idea links song, literature, new works of art, with a glimpse of Murdo’s own drawing skills.

Behind the project is Ishbel Murray, who has been involved in some of the most thoughtful and intelligent initiatives in the arts over the years.

Everything Ishbel creates connects to landscape and memory - the strongest threads of any culture. These are the roots of the poems, and still we sing them. 

No comments:

Post a Comment