Saturday 13 May 2017

Comhairle airson a' Chomhairle

Sùil Eile airson colbh an Daily Record

Tha na h-Eileanan an Iar ann an seòrsa de staing 's gun boireannaich sam bith air a' chùis a dhèanamh ann an taghaidhean na comhairle.

Chan eil a' chomhairle ach mar shamhla air mar a bhios na coimhearsnachdan fhèin - fireann agus glas - mur an gabh luchd-poileataigs aire.

Bu chòir sin a bhith ann an inntinn a h-uile comhairliche, sean agus ùr.

Às dèidh dhaibh an stèidheachadh fhèin, bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil cùisean ann an coimhearsnachd anns an àm ri teachd mar phrìomhachas.

Mar sin feumaidh na fìr fòram a stèidheachadh airson bhoireannach agus coinneachadh riutha ann an seòmar na comhairle gu cunbhalach.

Feumaidh taghadh a bhith ann airson Comhairle na h-Òigridh, gus beachdan an ath ghinealaich a phiobrachadh agus a riochdachadh.

Ann an àm airson an ath thaghaidh, feumaidh e bhith follaiseach gum bi taic ann airson chomhairlichean le clann òg gus cothrom a thoirt do phàrantan.

Gu h-aithghearr, feumaidh na comhairlichean seo oidhirp a dhèanamh iad fhèin a chur à bith.

Feumaidh na h-Eileanan comhairle a tha a' riochdachadh an latha an-diugh, neo bi iad air am fàgail anns an latha an-dè.


Translation

The Western Isles are in kind of a crisis after no women succeeded in the council elections.
It will not be a council but a symbol of how communities will be - male and grey - unless politicians pay attention to the problem.
After they settle themselves councillors ought to make sure the future shape of the island community is a priority.
As such these men need to set up a Women's Forum and meet with it regularly in the council chamber.
There need to be elections for a Youth Council, to encourage and represent the views of the next generation.
In time for the next elections it needs to be clear that there will be support for councillors with young children in order to give parents a chance to serve.
In short, the councillors need to make an effort to put themselves out of existence.
The islands need a council that represents the present day, or they will be left in times past.

No comments:

Post a Comment