Friday 14 July 2017

Sùil Eile air ceol Anna Mhàrtainn

Sùil Eile airson an Daily Record

Cha robh riamh càil ‘àbhaisteach’ mu Anna Mhàrtainn, an seinneadair ainmeil às an Eilean Sgitheanach.

Tha i an-còmhnaidh a’ toirt blas ùr air an t-seann traidisean.

Nochd i air an deireach seachdain air a’ Bhruaich a Deas ann an Lunnainn le còmhlan raga, a tha a’ toirt ath-nuadhachadh air ceòl tradaiseanta ceann a-tuath nan Innseachan.

Le bhith a’ taghadh ceithir òrain mu dheidhinn eadar-sgaradh, tha Anna agus Jason Singh air ceangal a dhèanamh eadar eachdraidh nam Fuadaichean, eachdraidh Partition anns na h-Innseachan agus an gluasad mòr sluaigh a tha sinn a’ faicinn timcheall oirnn gach latha.

Eòlach ‘s gu bheil sinn air ar sgeulachd fhìn, bha e follaiseach gur e eachdraidh dùinte a th’ ann an sgeulachd teaghlach Jason Singh agus a’ bhuaidh a thug sgaradh mòr nan Innseachan - a stèidhich Pagastan - orra. Tha gu leòr eile ann am Breatainn coltach ris.

Tro chultar agus dùthaich eadar-dhealaichte, tha fuasladh a’ tighinn air a’ chùis.

Tha “Ceumannan”, mar a th’ aca air a’ phròiseact,  cumhachdach, gu math poileataigeach agus drùidhteach.

Sin neart nan seann òran.

Faoidaidh sibh  èisteachd riutha a seo air Radio 3.



Translation

There was never anything conventional about Anne Martin, the notable singer from the Isle of Skye.
She always gives us a new taste of the old tradition. 
She appeared last weekend on London’s South Bank with a raga band, which is re-interpreting the traditional music of North India.
Choosing four songs of separation, Anne and Jason Singh have made a connection between the history of Clearances, the Partition of India and the huge movement of populations we see around us each day.
Familiar as we are with our own story, it was clear that Jason Singh’s family story about the effect  of Partition - which created Pakistan - is a closed history. There are plenty others in Britain like him.
Through a different culture and landscape, there was a new angle on the issue.
“Ceumannan”, as they name the project, is powerful, quite political and moving.
That’s the power of the old songs. 

No comments:

Post a Comment